Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stephen Lawrence

Thuirt Dàibhidh Camshron gu bheil dragh mòr air mu aithrisean gun deach iarraidh air oifigear poilis feuchainn ri milleadh a dhèanamh air cliù teaghlach Stephen Lawrence, an deugaire dubh a chaidh a mhurt ann an Lunnainn bho chionn 20 bliadhna. Tha am Prìomhaire ag iarraidh a-niste air Poilis a' Mhet rannsachadh a dhèanamh anns a' bhad, an dèidh do Pheter Francis, a bha na oifigear poilis innse gun deach iarraidh air-san fiosrachadh a fhaighinn a dhèanadh cron air pàrantan Stephen an dèidh muirt a' ghille aca.

Snowden

Tha Eideard Snowden a tha fo chasaid anns na Stàitean Aonaichte gun do sgaoil e fiosrachadh dìomhair mu shiostam brathaidh na dùthcha fhathast ann am Mosgo. Thuirt fear-lagha gun deach iarraidh air Hong Kong fhàgail an-dè, agus tha e coltach a-niste gu bheil e a' feuchainn ri fhaighinn gu comraich phoileataicich ann an Ecuador.

Nelson Mandela

Tha Nelson Mandela fìor ìosal san ospadal ann am Pretoria agus e air a dhol bhuaithe gu mòr air an deireadh sheachdain. Thuirt Ceann-suidhe Afraga a Deas, Jacob Zuma, gu bheil dotairean a' dèanamh na 's urrainn dhaibh. Tha Mgr Mandela, a tha 94 bliadhna de dh'aois, air a bhith san ospadal bho chionn còrr is cola-deug, agus tinneas sgamhain air.

Tinneas an t-Siucair

Tha rannsachadh a rinn am BBC a' sealltainn gu bheil an dàrna gnè de thinneas an t-siucair a' sìor-fhàs bitheanta am measg òigridh an Alba, 's gum feum mòran a bharrachd dhiubh sin a dhol fon lannsa airson ball-bodhaige a thoirt dhiubh. Tha eòlaichean ag ràdh gur e droch bhiadh agus reamhrachd am measg òigridh as coireach gu bheil tinneas an t-siucair a' sìor-fhàs bitheanta am measg dheugairean.

Oideachadh Ciùil

Tha dùil gum bhòt Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo airson cur às dhan chìs a th' air sgoilearan eadar an ceathramh agus an siathamh bliadhna san àrd-sgoil a tha a' dèanamh cùrsa chiùil SQA. Tha mu 300 sgoilear a' pàigheadh £250 sa bhliadhna an-dràsta airson oideachadh ann an ionnstramaidean ciùil. Tha am plana airson cur às dhan chìs sin a' tighinn an dèidh dhan Chomhairle coinneachadh ri buidhinn-obrach bho Riaghaltas na h-Alba.

Canaib

Chuir Poilis dithis duine an grèim ann an Gretna, ann an ceann a deas na h-Alba, far an d'fhuair iad luach £200,000 den droga cabaib. Thuirt na Poilis gun robh mòran den droga a' fàs air an làraich far an do chuir iad an dithis an grèim.