Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stephen Lawrence

Thuirt Ceannard feachd poilis am Metropolitan, Sir Bernard Hogan-Howe gu bheil e gu math cinnteach gu bheil na h-oifigich aigesan ag obair a rèir an lagha. Bha esan a' bruidhinn mu chasaidean gun do dh'fheuch Poilis a' Mhet ri dìmeas a dhèanamh air teaghlach Stephen Lawrence, deugaire dubh a chaidh a mhurt ann an Lunnainn bho chionn còrr is 20 bliadhna. Thuirt Sir Bernard an-diugh gum bi rannschadh ann air na casaidean sin.

Aillse Broillich

Thèid an droga tamoxifen a thabhainn air boireannaich an Alba as motha a tha an cunnart bho aillse broillich. Thèid an droga a thoirt airson còig bliadhna do bhoireannaich aig a bheil eachdraidh de dh'aillse broillich air dithis no còrr anns an teaghlach.

Ian Brady

Tha Ian Brady, ris an canar am Moors Murderer, a' toirt fianais an-dràsta do dh'èisteachd cùirte. Tha Brady, a tha 75 bliadhna de dh'aois, ag iarraidh a ghluasad à ospadal thèarainnte gu ruige prìosain, 's e an dùil, ma thachras sin, gum faigh e cead a bheatha a thoirt gu ceann.

Nelson Mandela

Tha teaghlach Nelson Mandela air a bhith a' tadhail air an ospadal sa bheil seann Cheann-Suidhe Afraga a Deas. Tha Mgr Mandela, a tha 94 bliadhna de dh'aois, fìor ìosal anns an ospadal ann am Pretoria.

Cìs Ùr

Thig cìs ùr gu bith an Alba an-diugh 's a' Phàrlamaid ann an Dùn Èideann a' bhòtadh air cìs fearainn a thèid an àite cìs stampa air togalaichean. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun toir a' chìs ùr brosnachadh air margaidh an taigheadais. Ach tha na pàrtaidhean eile teagmhach 's iad ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh mu a dèidhinn.

Croitearachd

Thèid bile mu choinneimh Pàrlamaid na h-Alba an-diugh a dh'fheuchas ri cur às do laigse ann an lagh Ath-leasachaidh na Croitearachd a chaidh a stèidheachadh bho chionn trì bliadhna. Tha Bile na Croitearachd ag amas air dèiligeadh ri mì-chinnt anns na riaghailtean mu bhith a' toirt fearainn a-mach à croitearachd.

Cumhachd Eileanach

Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Hamish Friseal, gum bu chòir eileanan Innse Gall gu lèir pàirt a ghabhail anns na iomairt airson tuilleadh chumhachdan fhaighinn do sgìrean eileanach. Dh'iarr comhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar mar thà air Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tuilleadh smachd a thoirt dhaibh air leithid grunnd na mara, an t-iasgach, àiteachas agus cumhachd ath-nuadhachail. Tha Hamish Friseal ag ràdh gum bu chòir na h-aon chumhachdan a bhith aig na h-eileanan eile cuideachd.

Iomairt Teasairginn

Rinn Bàta-Teasairginn Steòrnabhaigh cobhair tràth sa mhadainn an-diugh air duine a dh'fhàs tinn air bàt-iasgaich far chosta an ear Leòdhais. Chaidh an duine, a tha 44, a thogail far a' bhàta, an Davanlin, eadar Nis agus Tolastadh, agus a thoirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh mu 02:30m.