MacRath Asainnte ga lorg marbh

Ailean MacRath Image copyright John Paul
Image caption Chaidh Mgr MacRath a lorg marbh sa mhòintich Dimàirt.

Chaidh an duine a bha os cionn iomairt chroitearan Asainnte gus sealbh fhaighinn air an cuid fearainn o chionn 20 bliadhna, a lorg marbh.

Chaidh fios a chur oidhche Luain gun robh Ailean MacRath, a bha 73 agus na chathraiche air Urras Chroitearan Asainnte, a dhìth agus chaidh an corp aige a lorg anns a' mhonadh Dimàirt.

Bha cuid ag ràdh gur e gòiriche a bh' ann an iomairt Chroitearan Asainnte gus Oighreachd Loch an Inbhir a Tuath, sa bheil 21,000 acair, a ghabhail thairis bho luchd-rianachd.

Ach fo stiùir Mhgr MhicRath, chaidh leis an urras a chaidh a chur air bhonn, agus anns an Dùbhlachd 1992, le taic-airgid phoblach agus airgead bho dhaoine air feadh an t-Saoghail, fhuair iad sealbh air an fhearann.

Bha muinntir MhicRath air a bhith ann an Asainnte fad ghinealaichean, le a shìn-sheanair air fhuadachadh gus an gabhadh tac chaorach a stèidheachadh.

Bha e fhèin ag ràdh gur e buile eachdraidheil do muinntir na tuaithe air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bh' ann nuair a fhuair a' choimhearsnachd sealbh air an fhearann.

Chan eil teagamh nach tug na rinn iad brosnachadh do dh'iomadh coimhearsnachdan eile a th' air an cuid fearainn a cheannach bho uachdarain bhon uair sin.

Ghabh Urras Chroitearan Asainnte fearann a bharrachd os làimh bho theaghlach Vestey, nuair a cheannaich iad Oighreachd Ghlinn Chanaisp, sa bheil 40,000 acair, ann an 2003.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile