Obair na drochaid gu bhith deiseil

Drochaid Cheasaig
Image caption Thòisich obair air an drochaid sa Ghearran.

Bidh na slighean air fad air Drochaid Cheasaig fosgailte a-rithist aig na h-amannan as trainge den là bho Dhisathairne.

Thòisich obair riatanach luach £13m air na slighean gu tuath sa Ghearran.

Cha mhòr nach eil am pàirt sin den phròiseict a-nise deiseil, ged a bhios obair a' leantainn tron oidhche agus aig amannan nas samhaiche tron là 'son cola-deug bhon 30mh den Òg-Mhìos.

Bidh an t-slighe choiseachd gu tuath cuideachd dùinte fhads a tha an obair sin a' dol air adhart.

Tòisichidh obair air na slighean gu deas sa Ghearran an ath-bhliadhna.

Thug Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, taing dhan t-sluagh 'son na rinn iad gus nach biodh trafaig a' fàs ro dhona nuair a bha an obair a' dol.

Thathas a' smaointinn gun robh mìle càr nas lugha na an àbhaist a' cleachdadh na drochaid aig na h-amannan as trainge den là, is daoine air planaichean eile a dhèanamh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile