Sgioba nan Eilean Siar le èideadh nan geamaichean

Èideadh ùr sgioba nan Eilean Siar Image copyright Brighter Still
Image caption Èideadh ùr sgioba nan Eilean Siar

Ghabh sgioba nan Eilean Siar ceum eile air an t-slighe gu Geamaichean Eileanach 2013 an t-seachdain seo nuair a fhuair iad èideadh ùr.

Fàgaidh an sgioba Alba air an 10mh den Iuchar is tòisichidh an fharpais air an 13mh.

Gabhaidh 24 sgioba pàirt as nan geamaichean, nam measg 3 bho Alba, na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Tha aon atharrachadh air sgioba nan Eilean Siar.

Chaidh Stiùbhart Chalmers a bhios a' ruith san 400m a ghoirteachadh agus thèid Iain Townsend na àite.