Ar-a-mach an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaillich le oidhirp gus cuidhteas fhaighinn den bhuidhinn riaghlaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

'S iad a' bhuidheann Argyll for Change a chuir an gluasad air adhart gus ceannard na comhairle, Ruairidh MacCuthais, a chur às a dhreuchd còmhla ris a' bhuidheann riaghlaidh às an SNP.

Cha d'fhuair na dùbhlanaich ach ceithir deug bhòt ge-tà, an coimeas ri seachd deug dhan bhuidhinn-riaghlaidh.

Tha àimhreit is eus-aonta air a bhith a' cuairteachadh Comhairle Earra-Ghàidheal tric anns na mìosan a chaidh seachad.

Chaidh aontachadh air a' cheann thall Diardaoin buidheann-obrach a stèidheachadh gus coimhead air mar a tha a' chomhairle ga ruith.

Tillidh iad ri aithisg san Lùnasdal.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh