Briseadh-dùil ùr mun chàbal

Crann-gaoithe
Image caption Tha grunn phròiseictean a' feitheamh air a' chàbal gus na sgeamaichean aca a chur air adhart.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e tàmailt a th' ann dhaibh gun do dh'innis Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem, nach gabh iad an-dràsta ri iarrtas airson càbal dealain a chur eadar na h-Eileanan Siar agus Tir Mòr.

Thuirt Ofgem nach robh fiosrachadh gu leòr san iarrtas a thàinig bhon chompanaidh SHE Transmission, agus nach robh a' chompanaidh air ionnsachadh bho mhearachdan a rinn iad mar thà.

Deatamach

Tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil an càbal deatamach gus buannachd fhaighinn à cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan.

'S e briseadh-dùil ùr a tha seo dhan ùghdarras, a bha air am misneachadh gu mòr gun do chuir SHE Transmission an tagradh a-steach sa chiad dol a-mach.

Tha iad ag ràdh ge-tà gu bheil dòchas ann nach deach an tagradh a dhiùltadh buileach glan.

"Feumaidh sinn a bhith soilleir nach eil iad air a thilgeil às - tha iad ag iarraidh barrachd fiosrachaidh", thuirt stiùiriche leasachaidh eaconamach Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacIomhair.

"Feumaidh sinn bruidhinn ri Ofgem agus SSE (a' chompanaidh a tha os cionn SHE Transmission) airson faighinn tuigse air dè tha a' tachairt, carson a tha seo air a dhol ceàrr aig an ìre seo, agus a bheil càil ann as urrainn dhuinn a dhèanamh airson toirt dhaibh cuideachadh", thuirt e.

Prìs

Thog Ofgem ceist cuideachd mu mar a dhùblaich prìs a' chàbail an-uiridh gu faisg air £800m.

Thuirt Mgr MacIomhair gu bheil a' chomhairle air sin a thogail le SHE Transmission ron seo is gu bheil iad fhathast a' feitheamh air freagairt.

Dh'iarr e gun gluais SHE Transmission gu sgiobalta a-nise gus am fiosrachadh air fad a thoirt gu Ofgem gus nach tèid dàil a bharrachd air a' chàbal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile