Tubaist mhairbhteach ann an Cataibh

Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A9 ann an Cataibh.

Bhuail an carbad a bha e a' dràibheadh ann an carbad eile, beagan deas air Brùra, mu 3:45f Diluain.

Chaidh dithis a thoirt a-mach à fear de na carbadan, agus a thogail gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Bhàsaich an dràibhear, Ernest Jones, a bha 69 agus às Inbhir Ùige, nuair a ràinig e an t-ospadal ge-tà. Chan eil dùil gun deach an duine a bha còmhla ris anns a' charbad a ghoirteachadh gu dona.

Thuirt na Poilis nach robh dràibhear an dàrna carbaid air a ghoirteachadh gu dona nas motha.

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.