Madaidhean Uisge gan dìon sna Hearadh

Madaidhean uisge
Image caption Bidh madaidhean uisge ann an diofar aibhnichean a' cruthachadh diofar sheòrsaichean neamhnaidean.

Chaidh sgeama gus daoine a chur dheth bho bhith a' poidseadh mhadaidhean uisge a chur air bhog anns na Hearadh, far an deach colonaidhean de na creutairean a sgrios an-uiridh.

Tha na Hearadh air tè de 16 làraichean ann an Alba a tha fon phrosbaig mar phàirt de dh'iomairt a tha a' dol air feadh Bhreatainn air a bheil Pearls in Peril.

Tha madaidhean uisge gan dìon fon lagh, agus iad còmhla ri pandathan mòra agus rinothan Javan air liosta nan 365 creutairean as motha a tha fo chunnart san t-Saoghal.

Bho chionn deugachadh bhliadhnaichean bhiodh an luchd-siubhail air Ghàidhealtachd gan togail airson neamhnaidean a thoirt àsta.

Luchd-Faire

Bha neamhnaidean de sheòrsa eadar-dhealaichte anns na madaidhean uisge anns gach abhainn, agus bha an luchd-siubhail air chomas innse cò na madaidhean anns an robh neamhnaid, seach an fheadhainn anns nach robh.

Ach nuair a chaidh neamhnaid a reic air £10,000, chuala an sluagh mu dheidhinn, agus le cothrom aca siubhail gu luath agus fada ann an càraichean, rinn àireamhan mòra de dhaoine aig nach robh an t-eòlas sin sgrios air colonaidhean de na creutairean ann an iomadh abhainn air feadh na h-Alba.

Tha e a-niste mì-laghail a dhol faisg orra.

Thathas an amharas gur iad poidsearan a bu choireach ri mar a chaidh colonaidhean de mhadaidhean uisge a thoirt air falbh bho abhainn ann an sgìre iomallach de na Hearadh san Ògmhios an-uiridh.

Thuirt Poilis gur dòcha gur e duine aig nach robh fios gun robh iad air an dìon a rinn e.

Bidh an iomairt Pearls in Peril a' fastadh luchd-faire, a chumas sùil air aibhnichean, agus a chruinnicheas fiosrachadh air far an deach gnothach a ghabhail ri madaidhean uisge san àm a dh'fhalbh.

Tha an sgeama cuideachd ag amas air aire dhaoine a tharraing chun na trioblaid ann an sgìrean ionadail.

Tha a' bhuidheann Urrasan nan Aibhnichean Iasgaich (RAFTS) an sàs anns an iomairt ann an Alba.

Bidh Urras Iasgaich Uisge Nis agus Uisge Fharrair an sàs ann an iomairt na bliadhna seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile