Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Èipheit

Chaidh Àrd-Bhritheamh na h-Èipheit, Adli Mansour, a stèidheachadh mar Cheann-suidhe eadar-amail an dèidh dhan arm ruaig a chur air riaghaltas a' Chinn-suidhe Morsi an-dè. Ghabh na milleanan de shluagh na h-Èipheit dha na sràidean a dhèanamh gàirdeachais ris na th' air tachairt. Gheall Mgr Mansour riaghladh deamocratach a bhios ag èisteachd ri beachd an t-sluaigh.

An Eaglais Bhreac

Tha àimhreit a' sìor-dhol air adhart sa Phàrtaidh Làbarach mu thaghadh tagraiche airson sgìre na h-Eaglaise Brice aig an ath-thaghadh choitcheann, gus pàirt an aonaidh Unite ann. Thuirt Dennis Canavan, a bha aig aon àm na Bhall-Pàrlamaid Làbarach a' riochdachadh na sgìre gur e cùis nàire a th' ann. Tha casaidean ann gu bheil an t-aonadh Unite a' feuchainn ri buaidh a thoirt air a' chùis le bhith ag iarraidh air buill an aonaidh ballrachd a ghabhail sa Phàrtaidh Làbarach gus am bi bhòt aca nuair a thèid an tagraiche a thaghadh.

Lee Rigby

Bidh tiodhlacadh prìobhaideach ann am Manchester seachdain bho a-màireach dhan t-saighdear Lee Rigby a chaidh a mhurt ann an Woolwich ann an Lunnainn anns a' Chèitean. Tha dithis, Mìcheal Adebolajo, agus Mìcheal Adebowale fo chasaid gur iad a mhuirt e, agus thèid iad mu choinneimh an Old Bailey anns an t-Samhain.

Cungaidhean-leighis ann an Uibhist

Bha mu 100 duine aig coinneimh phoblaich ann an Loch nam Madadh an-raoir agus dragh ann an Uibhist gun tig air daoine a bhith a' siubhail astair fada airson chungaidhean-leighis, agus gun tèid cosnaidhean a chall aig ionadan dotair ma dh'fhosglas bùth chemist ann am Beinn nam Fadhla. Tha Local Pharmacies Eta, ag iarraidh bùth fhosgladh ann am Beinn nam Fadhla, agus tha dragh ann gun toir sin droch bhuaidh air na h-ionadan dotair anns an sgìre a tha a' dèiligeadh ris na cungaidhean-leighis an-dràsta.

Oighreachd nam Bàgh

Gheibh muinntir Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh litrichean air a' mhìos seo, ag iarraidh am beachd air an fhearann a cheannach dhan choimhearsnachd. Thuirt an t-uachdaran mar thà gu bheil e deònach còmhraidhean a chumail riutha ma nì a' mhòr-chuid den t-sluagh follaiseach gu bheil iad ag iarraidh an oighreachd a cheannach.

Geamaichean Oilimpigeach na h-Òigridh

Tha dùil ri fios tràth feasgar an-diugh an do shoirbhich Glaschu san oidhirp air Geamaichean Oilimpigeach na h-Òigridh a chumail ann an 2018. Tha Buenos Aires an Argentina, agus Medellin ann an Colombia a' tagradh airson na farpais cuideachd.