Cupa na Camanachd

Cupa na Camanachd Image copyright SNS
Image caption Cò gheibh an làmhan air Cupa na Camanachd am bliadhna.

Bidh aire a' tionndadh air ais air prìomh fharpais na h-iomain aig an deireadh-sheachdain agus ochd sgiobaidhean a' strì son àite san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Bidh Caol Bhòid - tha a' dìon na farpais - ann an sunnd nuair a chuireas iad fàilte air a' Mhanachainn ann an Taigh na Bruaich is sgioba Sheumais Pherlich dìreach air Cupa Comann Ceilteach Ghlasch a bhuannachadh.

'S e geama air leth faisg a bh'ann is Caol Bhòid mu dheireadh thall a' soirbheachadh an aghaigh nan seann nàimhdean aca Inbhir Aora air slaicean-peanais, is ged a bhios iad 's dòcha car sgìth, bidh iad air togail mòr fhaighinn.

Rinn a' Mhanachainn a' chùis air Camanachd an Òbain sa chuairt mu dheireadh agus bha deagh là aca fhèin Disathairne seo chaidh - is iad a' glèidheadh 4-1 an aghaidh Chill Mhàillidh ann an Cupa a' Bhaile Mhòir - ach chan ann tric a chaileas Caol Bhòid ann an Cupa na Camanachd air a' phàirc aca fhèin.

Bidh Bail' Ùr an t-Slèibh an dùil adhartas a dhèanamh cuideachd is iadsan aig an taigh an aghaidh Chabair Fèidh.

Ghabh am Bail' Ùr ceum mòr a dh'ionnsaigh am Prìomh Lìog a bhuannachadh a-rithist nuair a rinn iad a' chùis 1-0 air Lòbhat Disathairne seo chaidh agus bu chòir gum faigh iad tron gheama seo gun cus strì.

Faisg

'S ann nas fhaisge, shaoileadh tu, a bhios gnothaichean san dà gheama eile.

Thèid Ceann Loch Seile gu Bàideanach is iad sa chumantas air dèanamh glè mhath an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich bho ràinig iad am Prìomh Lìog.

Tha sgioba Russell Jones ag ràdh ge-tà gur e seo an geama as motha aca den t-seusan is tillidh grunn chluicheadaran nach robh aca an aghaidh Loch Abair an t-seachdain seo chaidh - Raghnal Ros nam measg - dhan sgioba.

'S iongantach gum bi cus eadar iad agus cò chanadh nach e Ros a nì an diofar.

Thèid an Gearasdan gu Druim na Drochaid is bidh e na fhaochadh dhaibh na trioblaidean aca san lìog a chur an darna taobh son seachdain.

Tha an sgioba a-nise ann am fìor staing aig bonn na lìog ach bidh na h-urchairean mòra aca air ais son a' gheama seo is bu chòir gum bi e glè theann.

Eachdraidh

Tha eachdraidh mòr aig manaidsear a' Ghlinne, Drew MacNeill, ann an dathan a' Ghearasdain san fharpais seo ach cuiridh e sin an darna taobh.

Tha an Gleann air cliù a choisinn dhaibh fhèin mar fìor dheagh sgioba chupa anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh agus aig an taigh 's dòcha gum bi gu leòr aca son an Gearasdan a chur a-mach.

Anns a' Phrìomh Lìog thèid Loch Abar gu Lòbhat is iad ag amas air an treas geama ann an sreath a bhuannachadh, rud a chuireadh an Gearasdan ann an staing fiùs nas miosa.

Cuiridh Inbhir Aora fàilte air Camanachd an Òbain is bidh dùbhlan aig Garry Mac a' Phearsain an sgioba a thogail às dèidh bhriseadh-dùil a' Chupa Cheiltich.

Feumaidh sgioba an Òbain an geama seo a bhuannachadh ma tha cothrom idir gu bhith aca sreap air falbh bho bhonn na lìge.

Ann an Lìog Tuath 1 thèid na Sgitheanaich gu Canaich a chluich an aghaidh Shrath Ghlais agus san treas roinn tha na Leòdhasaich aig an taigh an aghaidh Chill Mhàillidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile