Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Èipheit

Tha luchd-taic seann Cheann-Suidhe na h-Èipheit, Mohammed Mursi, ag iarraidh air daoine fianais a thogail an aghaidh mar a chaidh a chur às a dhreuchd leis an Arm. Tha dùil gun gabh daoine a tha an aghaidh a' Chinn-Suidhe chun nan sràidean cuideachd. Dh'iarr an t-Arm anns na Èipheit gun tig rèite am measg mhuinntir na dùthcha.

Tom Watson

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Làbarach, Tom Watson, gun do dh'fhàg e a dhreuchd mar Cho-Ordanaiche Taghaidh a' phàrtaidh bho nach robh e ag iarraidh a bhith na thrioblaid dha Ed Miliband. Dh'fhàg Mgr Watson an dreuchd agus connspaid ann mun dòigh a bha tagraiche Pàrlamaid ga thaghadh san Eaglais Bhric, agus buaidh an aonaidh Unite air sin. Bha manaidsear oifis Mhgr Watson am measg nan tagraichean.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Buill-Phàrlamaid aig Westminster an-dràsta a' deasbad bile a dh'iarradh referendum air am bu chòir do Bhreatainn an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. 'S e Bile Prìobhaideach a tha ga dheasbad, air a mholadh leis a' bhall Tòraidheach, James Wharton. Tha dùil nach bhòt a' mhòr-chuid de Làbaraich agus Lib-Deamaich sa chùis. Thuirt am Prìomhaire ge-tà, gun robh e an dùil gun soirbhicheadh leis a' bhòt, agus esan air gealltainn gum bi referendum ann ro dheireadh 2017.

Robotan

Cuiridh Bòrd Slàinte nan Eilean Siar robotan ann an dachannan dhaoine le dementia mar phàirt de phìleat airson an cuideachadh fuireach leotha fhèin. 'S urrainn dha càirdean no luchd-cùraim na robotan obrachadh ged a bhiodh iad na ceudan mhìltean air falbh. Bidh na robotan a' dol timcheall nan taighean a' dèanamh cinnteach gu bheil cùisean ceart gu leòr, agus gabhaidh bruidhinn ris na daoine le dementia tro na robotan. Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gun do sheall deuchainnean ann an Astràilia nach eil na robotan a' cur eagail air daoine.

Bàthadh

Sheall sgrùdadh gu bheil barrachd dhaoine gam bàthadh ann an uisgeachan taobh a-staigh na dùthcha an Alba agus sa Chuimrigh na àite sam bith eile am Breatainn. 'S e fireannaich òga as motha a th' ann an cunnart a rèir an rannsachaidh.