Kay NicMhathain air bàsachadh

Kay agus an Lia Fàil Image copyright PA
Image caption Cha deach casaidean a-riamh a thogail an aghaidh an fheadhainn a thug a' chlach air ais a dh'Alba.

Tha Kay NicMhathain, a thug an Lia Fàil a-mach à Abaid Westminster ann an 1950 agus air ais a dh'Alba, air bàsachadh.

Bha i 84, agus air a bhith a' fuireach anns an Allt Bheithe, ann an sgìre Gheàrrloich, Ros an Iar, far an do chaochaill i Disathairne.

Bhuinneadh i do dh'Inbhir Àsdail, agus bha i ag obair fad iomadh bliadhna a' teagasg eaconamachd na dachaigh ann an Sgoil Achadh nan Càrn ann an Geàrrloch, far an robh i gu làidir air cùlaibh na Gàidhlig anns an sgoil.

Tagraiche Nàiseantach

Sheas i mar thagraiche airson an SNP anns an taghadh choitcheann ann an 1983, ach cha do shoirbhich leatha.

Chaidh a' chlach - air an robhas a' crùnadh Rìghrean na h-Albann - a ghlacadh 's a thoirt air falbh a Shasainn leis a' Chiad Rìgh Eideard Shasainn, ann an 1296.

Air Là na Nollaige 1950, bhris Kay, Ian Hamilton, Gavin Vernon, agus Alan Stuart, a-steach air Abaid Westminster, agus thug iad a' chlach air falbh, ged a chaidh a' chlach a bhriseadh fhad 's a bha iad ga togail, 's i a' tuiteam air cas Khay. Thuirt i gun robh a cas goirt fad a beatha às dèidh sin.

Chaidh aca air an dà phìos a thoirt air ais a dh'Alba, seachad air bacaidhean-rathaid, agus chaidh a càradh leis a' chlachair Robert Gray ann an Glaschu.

A' chlach

Chaidh a' chlach fhàgail mu dheireadh air altair Abaid Obar Bhrothaig - far an deach Taisbeanadh Obar Bhrothaig a shoidhneadh ann an 1320 - agus thug na h-ùghdarrasan air ais a Westminster i.

Tha a' chlach an-diugh stèidhichte ann an Caisteal Dhùn Èideann.

Cha deach casaidean a-riamh a thogail an aghaidh Kay, no duine den cheathrar, ged a bha làn-fhios aig na h-ùghdarrasan cò iad.

Thèid a tiodhlacadh Disathairne 13mh an t-Iuchair, le seirbheis sa Ghàidhlig aig 11:00m anns an Eaglais Shaoir san Allt Bheithe, 's a dust ga adhlacadh ann an Clagh Pholl Iù.