Taigh Mòr Ratharsair fosgailte a-rithist

Taigh Mòr Ratharsair Image copyright Other
Image caption Chaidh an Taigh Mòr a sgrios ann an teine ann an 2009.

Tha deireadh-sheachdain mòr air fàire ann an Ratharsair le sreath de thachartasan aig Taigh Mòr an eilein, a tha a-nise fosgailte a-rithist.

'S e faochadh mòr a tha seo dha na h-eileanaich às dèidh mar a chaidh an taigh na theine.

Bha dàil an uair sin air an obair-leasachaidh a bha a' dol air adhart air an togalach.

"'S e an teine an rud a bu mhiosa a thachair dhuinn," thuirt fear de dh'Urrasairean Companaidh Coimhearsnachd Taigh Mòr Ratharsair, John Willie MacIlliosa.

"Ach ann an dòigh, nuair a choimheadas sinn air, tha an taigh an-diugh nas fheàrr na bha e riamh.

"Tha an taobh a-muigh a' coimhead dìreach mar a bha e roimhe, ach air an taobh a-staigh tha e air a dhèanamh suas cha-mhòr às ùr.

"Tha an Taigh Mòr a' dèanamh feum mòr dhan eilean. Tha e a' tàladh dhaoine a-steach dhan eilean," thuirt e.

Bidh muinntir an Taighe Mhòir trang deireadh na seachdain seo, le iomadh tachartas a' gabhail àite airson ath-fhosgladh an togalaich a chomharrachadh.

"Bidh iad a' seòladh. Tha sgoth aca, a chaidh a thogail ann an Nis, 's tha sin aca bho chionn bhliadhnaichean. Bidh iad a' toirt dhaoine a-mach a' seòladh mar as àbhaist.

"Tha caidheagadh, sreap 's a h-uile rud eile a bhios iad a' dèanamh co-dhiù, agus tha iad a' feuchainn ri daoine a thoirt a-steach airson fad deireadh na seachdaine.

"Tha biadh math aca cuideachd, sin agad rud eile. Tha iad a' feuchainn ri biadh fhaighinn às Ratharsair fhèin cuideachd, às a' mhuir timcheall air Ratharsair agus às an eilean fhèin," thuirt e.

Thèid cuirm a chumail san t-Sultain airson an Taigh Mòr fhosgladh gu h-oifigeil, le Teàrlach Ceanadach BP an làthair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile