Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Post Rìoghail

Thèid planaichean an Riaghaltais airson am Post Rìoghail a reic fhoillseachadh ann an Taigh nan Cumantan feasgar. Tha e coltach gum faodadh gluasad dhan roinn phrìobhaidich mu £2.5m a thogail, agus gum faigheadh luchd-obrach a' Phuist Rìoghail cothrom air na deicheamh cuid de na h-earrainnean a cheannach air prìs nas lugha. Tha na Làbaraich ag ràdh gur ann air adhbharan poileataiceach a tha an Riaghaltas a' cur na companaidh dhan roinn phrìobhaidich, agus tha an t-aonadh an CWU ag ràdh gu bheil am Post Rìoghail a' soirbheachadh mar a tha e.

Am Pàrtaidh Làbarach

Thuirt an treas aonadh as motha ann am Breatainn, an GMB, gun tuit an taic-airgid dhan Phàrtaidh Làbarach gu mòr bho £2m gu dìreach beagan mhìltean ma thèid Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, air adhart le atharrachadh sa chàirdeas eadar am pàrtaidh agus na h-aonaidhean. Thuirt Mgr Miliband nach eil e ag iarraidh gnothach ri airgead nan aonaidhean ciùird mur a bheil buill aonaidh ga thoirt seachad le an toil agus fios leotha.

Tubaist-rathaid Mhairbhteach

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd a' rannsachadh tubaist-rathaid anns an deach triùir a mharbhadh air an A9 faisg air Baile Ùr an t-Slèibh. Thachair an tubaist air pàirt den rathad nach eil dà-fhillte goirid ro 6:00f an-raoir. Chaidh triùir eile a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Bàt'-iasgaich

Rinn bàta-teasairginn Steòrnabhaigh cobhair air bàt-iasgaich agus a dithis criutha a chaidh air sgeir aig cidhe Bhrèibhig air a' Bhac mu 10:30f an-raoir. Cha deach duine den chriutha a ghoirteachadh, agus chaidh am bàta a tharraing gu Cala Steòrnabhaigh.

Airgead Taigheadais

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad toilichte le airgead a fhuair iad bho Riaghaltas na h-Alba airson tuilleadh thaighean aig prìs reusanta a thogail, ach gu bheil feum air tuilleadh airgid. Gheall an Riaghaltas beagan is £600,000 an dèidh dhan Chomhairle gearain gu bheil e nas daoire taighean a thogail anns na h-Eileanan.