Whyte air a leigeil ma sgaoil air urras

Craig Whyte
Image caption Bha Craig Whyte aig a' chùirt an Inbhir Nis.

Chaidh Craig Whyte aig an robh Rangers a leigeil ma sgaoil air urras às dèidh dha nochdadh aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis.

Bha barantas a-muigh airson a chur an grèim bho nach do nochd e gus fianais a thoirt seachad san Ògmhios ann an cùis eucorra co-cheangailte ri feadhainn a bha a' coimhead às dèidh a dhachaigh.

Thuirt an neach-lagha aige nach do thuig e gun robh aige ri nochdadh agus nach robh e airson maill a chur air a' chùirt.

Thuirt an Siorram Màiread Neilson gun do chuir e maill mhòr air a' chùirt.

Bha i ag ràdh gun d' fhuair 11 duine eile air nochdadh mar luchd-fianais air a' mhìos a dh'fhalbh.

Chuir Mgr Whyte às leth dithis a bha a' coimhead às dèidh a dhachaigh aig Caisteal nan Granndach, faisg air Baile Ùr nan Granndach, gun robh iad a' goid bhuaithe.

Thèid a' chùis-lagha a chumail san t-Sultain, agus dh'fhaodadh gun tèid co-dhùnadh fhathast gun do rinn Mgr Whyte dìmeas air ceartas bho nach do nochd e aig an èisteachd san Ògmhios.

Nuair a nochd Mgr Whyte aig a' chùirt, dh'èigh daoine ''crook'' agus ''scum''.