Les Escargots de Barraigh

Seilcheagan Image copyright Getty Images
Image caption 'S e Mgr Dòmhnallach a' chiad fhear an Alba a th' air seilcheagan a reic mar bhiadh.

A' reic gainmhich ri Saudi Aràibia. A' reic pizza ris an Eadailt.

An seòrsa abairt a bhios aig daoine airson rud nach gabhadh dèanamh.

Dè mu dheidhinn a bhith a' reic sheilcheagan ris na Frangaich ge-tà.

'S e sin dìreach na tha fear à Barraigh a' dèanamh.

Tha Gerard Dòmhnallach air tòiseachadh a' reic sheilicheagan an eilein ri grunn thaighean-bìdhe Frangach ann an Dùn Èideann.

Tha uaislean air a bhith gan ithe o chionn ghoirid aig Connsalachd na Frainge ann an Dùn Èideann air Là Bastille.

'S esan a' chiad fhear ann an Alba a tha a' reic sheilcheagan airson an ithe.

'S e seòrsa sheilcheagan a gheibhear ann an gàraidhean air feadh Bhreatainn far a bheil an talamh freagarach dhaibh a th' annta.

Ann am Barraigh, gheibhear iad an cois a' mhachaire, agus tha sin a' cur blas sònraichte orra, a tha a' còrdadh ri còcairean a tha eòlach air an leithid.

"Tha an fheadhainn seo caran inntinneach, oir thig iad à eilean nàdarra, agus tha iad a' briodadh ri taobh na mara," thuirt an còcaire Frangach Fred Berkmiller.

"Tha blas salainneach orra. Seilcheagan beaga cruasbach a th' annta, le feòil orra. Blas gu math inntinneach," thuirt e.

Tha a' cheist a' nochdadh ma tha iad pailt ann am Barraigh agus e follaiseach gu bheil margaidh ann air an son, a bheil muinntir Bharraigh fhèin gan ithe.

"Gu dearbha fhèin chan ith!" thuirt Martha Dhòmhnallach, a bhiodh toilichte cuidhteas fhaighinn de na seilcheagan air fad ma tha càch anns na bailtean mòra dèidheil orra.

"Uell tha iad ag ithe a h-uile sgàth riamh! Tha iad air feadh an àite 's tha iad ag ithe a h-uile sgàth a chuireas tu sa ghàradh. An càl 's an leiteas. A h-uile sgàth riamh!

"Bu thoil leamsa gun tigeadh iad a-nall 's gun toireadh iad leotha a h-uile seilcheag ann am Barraigh," thuirt i.

Ged a tha fèill orra ann an cuid de cheàrnaidhean, ma dh'fhaoidte gum bi greis ann fhathast mus bi iad rim faicinn air truinnsearan ann am Bàgh a' Chaisteil.