Mòinteach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rannsachadh ga mholadh air uachdarain

12 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir sùil chruaidh a bhith air a toirt air cho beag de chìsean 's a tha na h-uachdarain mhòra ann an Alba a' pàigheadh, a rèir aithisg ùir a chaidh ullachadh do Bhuill-Phàrlamaid ann an Westminister.

Thathar an dùil a-nis gun tèid rannsachadh foirmeil a chur air chois le Comataidh nan Cùisean Albannach, le sùil shònraichte air na riaghailtean co-cheangailte ri fearrann agus casaidean ann gu bheil na h-uachdarain mhòra a' seachnadh chìsean dìreach mar a tha leithid Google is Starbucks air a bhith a' dèanamh.

Tha Murray MacLeòid ag aithris.