Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Lee Rigby

Tha na ceudan dhaoine air cruinneachadh air taobh a-muigh na h-eaglaise ann am Bury faisg air Manchester aig tiodhlacadh an t-saighdeir a chaidh a mhurt ann an Woolwich ann an Lunnainn. Chaidh ionnsaigh a thoirt air a' Fusilier Lee Rigby anns a' Chèitean faisg air a' ghearasdan san robh e stèidhichte ann an Woolwich. Tha dithis - Mìcheal Adebolajo agus Mìcheal Adebowale fo chasaid gur iad a mhuirt e.

Neo-eisimeileachd

Bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a' dèanamh argamaid airson neo-eisimeileachd nuair a thadhaileas e air pàirce ghnìomhachais a' chumhachd ath-nuadhachail aig Bàgh an Eige air taobh sear Rois an-diugh. Canaidh Mgr Salmond gum feum Alba saorsa bhon t-seòrsa poileasaidh a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' sparradh oirre.

Pacaidean Toitean

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad am beachd a dhol air adhart le plana airson còmhdach gun sgrìobhadh no sanasachd air pacaidean cigarrette, fiù 's ged a chuireadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte às dhan sgeama sin ann an Sasainn. Bha Riaghaltas na h-Alba am beachd feitheamh gus am faiceadh iad ciamar a dh'obraicheadh an sgeama ann an Sasainn mus dèanadh iad an dearbh rud an Alba. Ach thuirt fear-labhairt do Riaghaltas na h-Alba gum bi iad a' dol air adhart leis a' phlana.

Casg Breith

Tha Pàrlamaid na h-Èireann, airson a' chiad uair riamh, a' toirt cead do chasg breith, ach le cùmhnantan an lùib an lagha ùir. Bheir an lagh ùr sin cead do chasg breith far a bheil beatha boireannaich ann an cunnart agus cunnart bho làmh a chur na beatha fhèin na pàirt dheth sin. Tha a h-uile dùil gun cuir taigh àrd na Pàrlamaid taic ris a' bhile.

Lifescan

Thuirt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gur e briseadh dùil mòr a th' ann gun tèid 40 cosnadh a chall aig Lifescan, tè de na companaidhean as motha a tha a' toirt cosnaidh do dhaoine ann an Inbhir Nis. Tha Lifescan ag ràdh nach eil uidhir ag iarraidh na h-innleachd meidigich aca ann an Aimeireaga agus anns an Roinn Eòrpa.

Ecstacy Fuadain

Thèid duine mu choinneimh na cùirte ann an Dùn Bhreatainn an-diugh co-cheangailte ri bàs deugaire a ghabh pileachan ecstacy fuadain. Chaochaill an nighean, a bha 18, ann an Alexandria Dimàirt. Tha ceangal ga dhèanamh eadar pileachan den aon sheòrsa augs bàs shianar eile air taobh siar na h-Alba anns na sia mìosan mu dheireadh. Tha an duine, a tha 24 bliadhna de dh'aois, fo chasaid gun robh e an sàs ann an reic dhrogaichean.