Fiodh ga fhàgail air loidhne-rèile

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd ag iarraidh fiosrachaidh mu dheidhinn mar a chaidh pìos mòr fiodha fhàgail air loidhne-rèile faisg air Inbhir Nis.

Bhuail trèana a bh' air tighinn à Peart anns an fhiodh faisg air ceann-rèile Cradlehall mu 2:10f Dihaoine 12mh an t-Iuchair.

Cha deach cron a dhèanamh air an einnsinn, agus ràinig an trèana Inbhir Nis gu sàbhailte.

Tha na Poilis air a dhol mu na taighean ann an sgìre Cradlehall feuch cò bh' air am fiodh fhàgail air an loidhne.

Thuirt an Sgt Kevin Lawrence, bho Phoilis Chòmhdhail Bhreatainn (BTP) gun robh e air beatha dhaoine a chur ann an cunnart.

"Chan eil teagamh nach deach am pìos fiodha a chur air an loidhne a dh'aona-ghnothach," thuirt e.

"Gu fortannach, cha deach duine a ghoirteachadh. Ach, dh'fhaodadh seo air tubaist mhòr adhbharachadh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile