Càineadh cearc na Comhairle

Tha Comhairle na Gàidhealtachd am measg Chomhairlean air an deach càineadh a dhèanamh an dèidh dha tighinn am follais nach eil iad a' cleachdadh chearc Albannach sam bith sna sgoiltean aca.

Fhuair am Pàrtaidh Uaine ann an Alba am fiosrachadh tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Tha a' chearc a tha iad a' cleachdadh a' tighinn às a' chòrr de Bhreatainn no às an Òlaind.

Tha cuid de dh'Ùghdarrasan Ionadail air a bhith a' faighinn na circe a tha iad a' cleachdadh bho cho fada air falbh ri Thailand, agus 's e Comhairle Sruighlea an aon chomhairle a tha a' cleachdadh chearc Albannach cha-mhòr fad an t-siubhail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile