Buannachdan an cois sgìrean MPA

Uisge na mara Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an Riaghaltas airson 32,000 mìle ceàrnagach den mhuir a dhèanamh nan MPA.

Tha aithisg ùr ag ràdh gum biodh buannachdan eaconamach agus àrainneachail an lùib tuilleadh dìon a chur air na h-uisgeachan far chladaichean na h-Alba.

Fhuair an rannsachadh gum biodh dàibhearan agus luchd-iasgaich slaite deònach barrachd airgid a phàigheadh airson sgìrean le glèidhteachas làidir a chleachdadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air 32,000 mìle ceàrnagach den mhuir a dhìon, sgìrean mòra mu na h-Eileanan Siar agus na h-eileanan a-staigh nam measg.

Chaidh an rannachadh a dhèanamh le buidhinn de dh'oilthighean Bhreatannach, Oilthigh Obar Dheathain nam measg.

Bhathas airson na buannachdan eaconamach agus sòisealta a bhiodh an lùib Sgìrean Dìon Mara (MPA) a thomhais.

Chruinnich an luchd-rannsachaidh fianais bho dhàibhearan agus iasgairean slaite, agus tha iad a' tomhais gu bheil luach eadar £67m agus £117 sa bhliadhna an lùib nan uisgeachan far chosta na h-Alba an-dràsta.

Tha na dàibhearan agus iasgairean slaite ag ràdh gum biodh iad deònach 16% a bharrachd a phàigheadh ann an sgìrean far a bheil iasgach coimearsalta air a chuingealachadh, agus far a bheil dìon a bharrachd ga chur air fiadh-bheatha.

Chuir Comann Glèidhteachais na Mara fàilte air an aithisg, agus iad ag ràdh gum faodadh luach a bharrachd a bhith an lùib glèidhteachais mhara na tha an aithisg a' cumail a-mach, leis nach eil iomradh innte air seòladairean agus luchd-turais.

Tha iasgairean air draghan mòra a chur an cèill mu sgìrean MPA, agus iad ag ràdh gun toireadh iad droch bhuaidh air a' ghnìomhachas.

Tha dragh ann cuideachd gun cuireadh na sgìrean bacadh air leasachadh a' chumhachd ath-nuadhachail aig muir.