Buinn a bharrachd ann am Bermuda

  • Air fhoillseachadh
Donnie MacLèoid
Fo-thiotal an deilbh,
Bha là sònraichte aig na h-Eileanan an Iar ann am Bermuda le Eilidh NicChoinnich a' glèidheadh san 1500m, is an uair sin Donnie MacLeòid (gu h-àrd) air bonn oìr fhaighinn san 800m.

Tha sgioba nan Eilean Siar air dà bhonn òir eile a choisinn aig na Geamaichean Eileanach ann am Bermuda.

An toiseach bha bonn òir eile do dh'Eilidh NicChoinnich san 1500m - an ceathramh geamaichean ann an sreath a bhuannaich i bonn òir.

Bha gnothaichean teann a' tighinn gu deireadh na rèise ach thug Eilidh a buinn leatha an uair sin - gus bonn eile a choisinn.

Chrìochnaich i ann an 4:33:36.

Thàinig Donnie MacLeòid air adhart an uair sin gus bonn òir a bhuannachadh san 800m.

Bha Donnie air bonn-airgid fhaighinn aig na geamaichean ann an Eilean Wight bho chionn dà bhliadhna, ach an turas seo bha e dìreach ro mhath dhan chòrr is e a' crìochnachadh ann an 1:54:87.

Beagan na bu thràithe air an là bha Kerry Nic a' Phì agus Cairistiona NicChoinnich air bonn umha a ghlèidheadh ann an rèis an time-trial ann am baidhseagalachd.

Bha an dithis mar thà air bonn òir a bhuannachadh mar sgioba ann an triathlon nam ban - is Kerry cuideachd air bonn òir fhaighinn dhi fhèin san triathlon.

Timcheall a’ BhBC