Comhairle a' diùltadh sgoil Ghàidhlig

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Chan eil sgoil a tha gu tur tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar.

Chan eil dùil sam bith aig Comhairle nan Eilean Siar sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh.

Choinnich a' Chomhairle ri Bòrd na Gàidhlig Dimàirt agus am Bòrd air ceist a thogail mu sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.

Tha Cathraiche Foghlaim na Comhairle, Catriona Stiùbhart, ag ràdh nach toireadh sgoil Ghàidhlig fa leth piseach sam bith air foghlam Gàidhlig agus gur ann a mhilleadh i sgoiltean le aonadan Gàidhlig.

"Tha a' Chomhairle ag iarraidh Gàidhlig a bhith anns a h-uile coimhearsnachd 's anns na sgoiltean againn bho Rubha Robhanais gu Ceann Bharraigh," thuirt i.

Sgrùdadh

"Chan eil sinn a' faicinn gu bheil e a' dèanamh ciall aig an ìre a tha seo sgoil Ghàidhlig a bhith againn stèidhichte ann an aon phàirt de na h-Eileanan, agus 's e Steòrnabhagh far a bheil a' choimhearsnachd as motha, agus a rèir an sgrùdaidh a rinn sinne, chan eil na pàrantan ag iarraidh sgoil Ghàidhlig ann an Steòrnabhagh a bharrachd," thuirt i.

Rinn a' Chomhairle sgrùdadh am measg phàrantan ann an 2008 le fios a' dol a-mach gu barrachd is 100 teaghlach.

Cha d'fhuair iad freagairt ach bho 44 teaghlach, le 25 ag ràdh gun robh iad taiceil ri sgoil Ghàidhlig.

"'S e an rud a thàinig a-mach às an sgrùdadh, nach robh daoine ag iarraidh na sgoiltean anns na coimhearsnachdan aca fhèin fhàgail agus a thighinn a-steach do choimhearsnachd eile," thuirt a' Bh.Ph. Stiùbhart.

"Bha iad ag iarraidh a' chlann a bhith air an teagasg anns na coimhearsnachdan aca fhèin, tro mheadhan na Gàidhlig, agus gum bhiodh iad còmhla ri cloinn eile anns an sgoil.

"Tha sinn a' coimhead ri Gàidhlig a bhith anns a h-uile sgoil fa leth ma 's urrainn dhuinn sin a dhèanamh.

"'S e sin, tha sinne a' faicinn, an dòigh air adhart gus an cànan fhàs, 's bidh an cultar a' fàs an uair sin.

"'S e sin a roghnaicheadh sinn a dhèanamh," thuirt i.

Tha a' Chomhairle a' cur romhpa fhèin gun tèid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhainn air a h-uile pàiste sa chiad dà bhliadhna.

"Tha sinn a' feuchainn le ar dìcheal sin a dhèanamh," thuirt a' Bh.Ph. Stiùbhart.

"Mar eisimpleir, ann an Uibhist, ma tha neach-teagaisg a' dol a thighinn a-steach dha na sgoiltean againn, feumaidh Gàidhlig a bhith aca.

"Agus bidh sinn ag obrachadh suas tro na h-Eileanan air fad airson sin a dhèanamh," thuirt i.

Coimhearsnachdan Gàidhlig

Ged a tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil dùil aca sgoil Ghàidhlig fa leth a stèidheachadh, tha a' Bh.Ph. Stiùbhart ag ràdh nach e seo deireadh an sgeòil.

"Cha dhùin sinne doras sam bith airson a bhith a' coimhead airson Gàidhlig a lìbhrigeadh anns na sgoiltean againn," thuirt i.

"Chan e coimhearsnachd fhuadain a th' againne. 'S e coimhearsnachdan Gàidhlig a th' againne.

"Agus tha Gàidhlig fhathast làidir ann an cuid mhòr de na coimhearsnachdan againn, far a bheil a' chlann ga cluinntinn anns na bùithdean, anns an sgoil, anns na dachaighean aca fhèin.

"Chan eil sinne a' faicinn gur e sgoil Ghàidhlig ann an aon phàirt de na h-Eileanan againn a tha a' dol a leudachadh a' chànain.

"Bhiodh buaidh aig sgoil Ghàidhlig ann an Steòrnabhagh nach biodh sinne ag iarraidh aig an ìre a tha seo.

"Bhon bhiodh e a' ciallachadh gur dòcha gum biodh na h-aonadan Gàidhlig a th' againne sna sgoiltean a' crìonadh, agus chan e sin a tha sinne ag iarraidh.

"Tha sinn ag iarraidh an cànan fhàs anns na coimhearsnachdan againn," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile