Cumhachdan do dh'Eileanan Earra-Ghàidheal?

Eilean Luinn Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha mòran eileanan ann an sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' feitheamh fios am b'urrainn do dh'eileanan na sgìre a dhol an lùib iomairt gus cumhachdan a bharrachd a ghlèidheadh do dh'ùghdarrasan eileanach na h-Alba.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairlean Arcaibh is Sealtainn an iomairt air chois gus cumhachdan fhaighinn air leithid còirichean Oighreachd a' Chrùin is eile.

'S e an Comh. Illeach Robin Currie a chuir air adhart am moladh a thaobh eileanan Earra-Ghàidheal.

"Tha mòran eileanan ann an Earra-Ghàidheal, agus mar sin carson nach biodh iad a-staigh leis na h-Eileanan an Iar?" thuirt Mgr Currie.

Coinneamh

"An rud a bha mi a' faighneachd 's e dìreach a bhith a' cainnt riutha, feuch am meanndadh sinn a bhith ag obair còmhla.

"Tha sinn a-niste dìreach a' feitheamh air freagairt fhaotainn air ais bhuapa.

"Tha mi daonnan ag ràdh, ma tha thu air eilean, 's e eilean a th' ann, agus cha mheannd thu falbh dìreach mar a tha a dhìth ort.

"Ach tha fhios agam gu bheil mòran choimhearsnachdan ann an Cinn Tìre a tha air falbh fada bho bhailtean agus gnothaichean mar sin, ach meanndaidh iad a bhith a' falbh air ais is air aghaigh mar a tha a dhìth orra.

"'S tha diofar mòr ann eadar coimhearsnachdan an Cinn Tìre, agus coimhearsnachdan sna h-eileanan.

"Ma tha iad a' cainnt air seo airson nan Eileanan Siar, feumaidh sinne a bhith a' cainnt air airson Earra-Ghàidheal cuideachd.

"Bidh coinneamh aig an iomairt an ceann cùpla mìos, agus tha mi an dòchas gum bi cuideigin bho Earra-Ghàidheal is Bòd ann cuideachd," thuirt e.

Bidh Caibineat Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh ann an Sealtainn an ath-sheachdain, agus cuiridh riochdairean bho na trì comhairlean eileanach cuideam orra a thaobh a' ghnothaich.

Tha an iomairt cuideachd air beachd iarraidh air ceannardan gach pàrtaidh phoileataicich ann an Alba agus ann an Westminster.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile