Ath-chuinge mu na geòidh

  • Air fhoillseachadh
Geòidh Ghlasa
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh na geòidh a-nise a' cur seachad fad na bliadhna anns na sgìrean croitearachd.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba air ath-chuinge a chur air dòigh a tha a' feuchainn ri toirt air an Riaghaltas rudeigin a dhèanamh mu na tha de gheòidh ghlasa ann an sgìrean croitearachd.

Tha croitearan air a bhith a' gearain o chionn fhada mun mhilleadh a tha na h-eòin a' dèanamh.

Thuirt an Caidreachas gu bheil croitearachd ann an sgìrean mar Uibhist fo chunnart leis mar a tha na h-eòin a' milleadh an talamh àitich.

Thuirt iad cuideachd gun robh dragh orra gun robh an Riaghaltas a' beachdachadh air am buidseat airson smachd a chumail air na h-eòin a lùghdachadh.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a' cur £1.2m air cùl sgeamaichean airson smachd a chumail air geòidh far a bheil iad paillt, ach gu bheil iad air an cuingealachadh le riaghailtean eadar-nàiseanta a tha a' dìon cuid de dh'eòin.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh