Wee W a' dol ann an rianachd

  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith na bùtha Wee W ann an Steòrnabhagh air iarrtas a chur a-steach airson òrdugh crìochnachaidh.

A rèir phàipearan oifigeil laghail tha fiachan luach £143,000 air a' chompanaidh.

Tha dùil gun dùin a' bhùth, a bha a' feuchainn ris a' bheàrn a dh'fhàg Woolworths a lìonadh, a dh'aithghearr.