Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bochdainn Chloinne

Tha còrr is 36,000 de dhuine-chloinne ann am bochdainn a rèir na tha rannsachadh ùr ag ràdh. Tha a' bhuidheann Child Poverty Action ag ràdh gu bheil sin a' cosg £400m sa bhliadhna do Chomhairle Baile Ghlaschu, agus gur iad Birmingham agus Manchester na h-aon bhailtean eile far a bheil an trioblaid agus a' chosgais nas motha.

Trèanaichean Ùra

Tha an Riaghaltas ann an Lunnainn a' ceannach 270 trèana ùr airson prìomh loidhne a' chosta an ear. Bidh barrachd rùm air na trèanaichean ùra, agus gearraidh iad beagan mhionaidean far ùine na slighe eadar Lunnainn agus Dùn Èideann nuair a thòisicheas iad ann an 2019. Thuirt an Riaghaltas gun cùm togail nan trèanaichean cosnadh ri 700 duine aig Hitachi ann an Co. Durham.

Teine ann an Dùn Èideann

Tha luchd-smàlaidh a' strì ri teine mòr ann an sgìre Newington ann an Dùn Èideann. Thòisich an teine mu 05:30m, ann am bùth charthannais air Sràid South Clark. Chaidh 12 duine a thoirt gu sàbhailte à flataichean os cionn an togalaich.

A' Ghrèig

Chuir Pàrlamaid na Grèige an taic ri tuilleadh ghearraidhean a bhios a' ciallachadh gun caill na mìltean dhaoine an cosnadh anns an roinn phoblaich. Dh'fheumadh an Riaghaltas gabhail ris na gearraidhean mar phàirt den chùmhnant fo a bheil iad a' faighinn taic-airgid eadar-nàiseanta.

Geòidh

Tha croitear ann an Uibhist ag ràdh gum faodadh an trioblaid le geòidh cur às do chroitearachd sna h-Eileanan. Bha Ena NicDhòmhnaill a' bruidhinn agus Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' cur ath-chuinge air-loidhne, agus iad ag iarraidh an sin air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh a dhèanamh mun sgrios, a tha iad ag ràdh, a tha geòidh a' dèanamh air an fhearann.

Nelson Mandela

Thuirt Ceann-Suidhe Afraga a Deas, Jacob Zuma, gu bheil slàinte Nelson Mhandela a' sìor-thighinn air adhart, agus e a' comharrachadh a chola-breith an-diugh, aig 95 bliadhna de dh'aois. Tha Mgr Mandela fhathast san ospadal, ach thuirt Mgr Zuma gu bheil e ann an deagh shunnd.