Tubaist-rathaid mhairbhteach an Inbhir Nis
- Published
Chaochaill fireannach an dèidh tubaist-rathaid eadar càr agus motor-baidhseagal ann an Inbhir Nis Diardaoin.
Thachair an tubaist air Rathad Chùl Càbaig dìreach ro 5:00f.
Chaidh am fireannach a bha air a' mhotor-baidhseagal a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir anns a' bhaile ach chaochaill e an sin.
Cha deach boireannach agus fireannach a bh' anns a' chàr a ghoirteachadh.
Bha an ratahd dùinte greis airson rannsachadh phoileas ach tha e air fosgaldh as ùr.
Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh