Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Prìs a' Pheatroil

Leumaidh prìs a' pheatroil agus diesel 5sg eile ro dheireadh an t-Samhraidh, a rèir na buidhne an AA. Tha iad a' sùileachadh àrdachaidh anns na mìosan ri thighinn, le coltas ann gum bi tunna de chonnadh $100 nas daoire, agus cho lag 's a tha an Not. Tha a' phrìs anns a' chumantas 1sg nas àirde na bha i o chionn mìos.

Bàs on Dibhe

Tha luchd-rannsachaidh ag ràdh gu bheil barrachd bhoireannach eadar 30 agus 50 a' bàsachadh le trioblaidean dibhe ann an Glaschu, Liverpool agus Manchester. San fharsainneachd tha nas lugha de dhaoine a' bàsachadh ri linn na dibhe, ach chan eil boireannaich a rugadh anns na 70an a' leantainn sin.

Astràilia

Tha Astràilia a' diùltadh gabhail daoine a tha a' sireadh comraich anns na dùthaich a nochdas ann am bàta. Thèid an cur gu Papua New Guinea na h-àite. Mairidh an aonta le Papua New Guinea bliadhna. Thuirt Prìomhaire Astràilia, Kevin Rudd, gun robh iad ag iarraidh teachdaireachd làidir a chur seachad gum feumadh daoine a bhith a' gluasad eadar crìochan gu mì-laghail tighinn gu crìch.

An Teas

Tha rabhadh air tighinn bho Oifis na Sìde gu bheil teintean fada nas dualtaiche tòiseachadh fhad 's a leanas an teas air feadh na dùthcha. Chaidh sgìrean rabhaidh 3 a leudachadh ann an Sasainn a ghabhail a-steach ceann an iar-dheas na dùthcha agus na West Midlands. Tha rabhadh air tighinn bho Chomhairle Sreapadaireachd na h-Alba do dhaoine a tha a' beachdachadh a dhol am measg nam beanntan air an deireadh-sheachdain suim a ghabhail ri cho teth 's a tha i gu bhith, agus gu leòr uisge a ghabhail.

Fracadh

Tha Riaghaltas Bhreatainn air dìon làidir a chur air càineadh a nochd mu an cuid phlanaichean cìsean a lùghdachadh do chompanaidhean a thèid an sàs ann a bhith a' toirt gas à clach-guail. Tha buidhnean àrainneachd air a ràdh gu bheil na planaichean "maslach." Tha an Seansalair Seòras Osborne cuideachd am beachd airgead a thoirt do choimhearsnachdan far an tèid tobraichean gas a stèidheachadh. Tha Ministearan an dòchas gun tèid obraichean a chruthachadh, agus gun cùm e prìsean cumhachd sìos.

Tubaist-rathaid

Bhàsaich fireannach an dèidh tubaist-rathaid eadar càr agus motor-baidhseagal ann an Inbhir Nis an-dè. Thachair an tubaist air Rathad Chùl Càbaig beagan ro 5:00f. Chaidh am fireannach a bh' air a' mhotor-baidhseagal a thoirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir, far an do chaochaill e. Cha deach am boireannach agus am fireannach a ghoirteachadh. Thèid aithisg gu Neach-Casaid a' Chrùin mun ghnothach.

Èirinn a Tuath

Chaochaill balach, 15 bliadhna de dh'aois, an dèidh tuiteam ann an abhainn ann an Èirinn a Tuath. Thachair e mu 4:30f an-dè ann am Pàirc Roe Valley. Chaidh a thoirt dhan ospadal ann an heileacoptair, ach chaochaill e goirid an dèidh sin.