Dà bhonn eile do sgioba nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh

Tha sgioba nan Eilean Siar air dà bhonn eile a thogail aig Geamaichean Eileanach na Cruinne ann am Bermuda.

Fhuair Donnie MacLeòid bonn airgid ann an rèis nan 400m, a rinn e ann an 48.88 diog - .20mh de dhiog air cùlaibh an fhir a bhuannaich, Joseph Reid às Eilean Mhanainn, a fhuair am bonn òir, leis an rèis air a chùlaibh aig 48.48 diog.

Cuideachd, ann an rèis a' Chriterium, a tha a' gabhail àite mu shràidean bhaile Hamilton, fhuair Kerry Nic a' Phì bonn umha, a' tighinn a-steach aig 40.11.82.