BBC Naidheachdan

Rothaiche a' call a beatha

Published
Bhàsaich boireannach a bh' air baidhseagal, às dèidh dhith a bhith air a leagail le càr madainn Dhiluain.
Thachair an tubaist air an A831 faisg air Baile Mhuilinn mu 0840.
Bhàsaich am boireannach, a bh' anns na leth-cheudan, aig làrach na tubaist.
Cha deach dràibhear a' chàir a ghoirteachadh idir.
Tha na polais ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.
Thèid aithisg mun tubaist a chuir gu Neach-casaid a' Chrùin.