Fireannach a dhìth an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Tha Polais na h-Alba a' sireadh fiosrachaidh mu fhear à Inbhir Nis a tha a dhìth.

Chaidh Teàrlach Hutchison, a tha 63, fhaicinn mu dheireadh ann am meadhan a' bhaile feasgar Diluain.

Bidh Mgr Hutchison a' cleachdadh chathair-cuibhle, 's e air a dhà chas a chall bho ghlùin.

Tha na polais a' cur ìmpidh air duine sam bith a chunnaic e bhon uair sin, fònadh thuca air àireamh-fòn 101.