Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

23 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Leanabh rìoghail

Tha sluagh mòr air cruinneachadh aig Ospadal an Naoimh Moire ann am Paddington ann an Lunnainn agus iad an dòchas sealladh fhaighinn air an leanabh a rugadh an-dè do Dhiùc agus Bana Dhiùc Chambridge. 'S e an gille beag an treas oighre dhan Chrùn.

Cìsean

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, ann am Mon Rois an-diugh le gealltanas nach cuireadh an SNP tuilleadh chìsean air gnìomhachas a' ghas agus ola. Tha Mgr Salmond a' foiilseachadh paipeir air na tha ron a' ghnìomhachas agus tha a' cur an aghaidh beachd Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil gnìomhachas na h-ola a' crìonadh.

Seirbheisean-adhair

Tha gnìomhachas air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean air a bhith ag innse cho cudromach dhaibh 's a tha seirbheis adhair làitheal eadar Inbhir Nis agus na prìomh phuirt-adhair ann an Lunnainn. Fhuair an sgrùdadh gu bheil leth-cheud mìle luchd-siubhail a' dol gu puirt-adhair Albannach eile mar Obar Dheathainn, Glaschu agus Dùn Èideann a h-uile bliadhna leis nach eil ceangal eadar Inbhir Nis agus Heathrow. Thèid am fiosrachadh a chuir gu Coimisean Davies a tha a' dèanamh sgrùdadh air na puirt-adhair.

Gatwick

Tha ceannard Phort Adhair Ghatwick air plana fhoillseachdh son an dàrna raon-laighe an sin, a chosgadh eadar còig agus naoi billlean not. Tha iad ag ràdh gum biodh an raon-laighe ùr gu deas air a' phort-adhair a th' ann agus gum biodh e nas saore agus nas lugha fuaim na bhiodh leudachadh aig Heathrow.

Buaidh na sìde

Rinn dealanach agus tuiltean trioblaid do luchd-siubhail ann an Sasainn agus trì seachdainnean de thioramachd agus teas a' tighinn gu ceann. Chaidh maill air trèanaichean ann am Manchester, Birmingham, Cambridgeshire agus ceann an ear-thuath Shasainn nuair a bhual dealanach ann an an siostam na rèile. Chuir stoirm às cuideachd dhan chumachd aig port-adhair Stansted a' cur maill air na seirbheisean adhair à sin.