Buannachd bho thuathan-gaoithe?

Tuath-gaoithe
Image caption Tha SSE a' gealltainn gum faigh coimhearsnachdan buannachd mhòr à tuathan-gaoithe

'S e am Morair McConnell, a bha roimhe na Phrìomh Mhinistear ann an Alba, a bhios na chathraiche air panal de dh'eòlaichean a cho-dhùnas cò na buidhnean coimhearsnachd a bu chòir airgead fhaighinn bho thuathan-gaoithe anns na sgìrean aca.

'S e a' chompanaidh chumhachd SSE a stèidhich am panal 's iad a' dèanamh dheth gum faodadh iad £90m a thoirt do choimhearsnachdan thar an ath-chòig bliadhna fichead.

'S ann aig buidhnean air a' Ghàidhealtachd a bhios a' chiad chothrom air an sgeama, 's £325k gu bhith ri fhaotainn dhaibh nuair a dh'fhosglas e san t-Samhainn.

Buannachd

Tha SSE air £13m a thoirt seachad do bhuidhnean coimhearsnachd bho 2002, nuair a bhiodh tuathan-gaoithe gan stèidheachadh leotha.

Thuirt am Morair McConnell gu robh e gu math toilichte a bhith an lùib an sgeama - a dh'fhaodadh buaidh mhòr a thoirt air pròiseactan, obraichean agus àrainneachd choimhearsnachdan ionadail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile