Tubaist-rathaid faisg air a' Ghearasdan
- Air fhoillseachadh
Chaill fireannach air motor-baidhseagal a bheatha às dèidh tubaist-rathaid air an A82 ann an Omhanaich gu deas air a' Ghearasdan Dimàirt.
Thachair an tubaist mu 3.30f eadar stèisean-connaidh agus taigh-òsta a' bhaile.
Bha am motor-baidhseagal a' siubhail gu deas nuair a thachair an tubaist.
Bha an rathad dùinte fad ochd uairean a thìde.
Tha na polais gu h-àraidh airson bruidhinn ri dràibhear bhàn gheal a bh' anns an sgìre aig an àm, agus a dh'fhaodadh a bhith air an tubaist fhaicinn.
Bu chòir do dhaoine aig a bheil fiosrachadh brath a chuir thuca air an àireamh-fon 101.