Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

24 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dewani

Thuirt Cùirt nam Maighstirean Lagha ann an Westminster gum bu chòir fear à Breatainn a chuir gu ruige cùirt ann an Afraiga a Deas far a bheil e fo amharus gun do mhurt e a bhean goirid an dèidh dhaibh pòsadh bho chionn trì bliadhna. Tha luchd lagh do Shrien Dewani a' cumail a-mach gu bheil a shlàinte inntinn ro chugallach son a chuir ann. Cha tuirt luchd-lagh Dewani fhathast an toir iad a' chùis dhan Phrìomh Chùirt.

Àrd-easbaig ùr

Innsidh an Eaglais Chaitligeach an-diugh cò Àrd-easbaig ùr Dhùn Èideann agus Chill Rìmhinn. Dh'fhàg an Cardinal Keith O'Brien an dreuchd sin aig toiseach na bliadhna an dèidh aithrisean mu dhrabasdachd anns na h-ochdadan. Tha an eaglais an-dràsda gun easbaig ann an ceithir dheth na h-ochd sgìrean easbaig ann an Alba.

Pàipear dìomhair

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil ann am pàipear dìomhair, air an d'fhuair am BBC sealbh, ach dreach tràth den phàipear a thèid fhoillseachadh gu h-oifigeal. Tha na chunnaic am BBC dheth ag ràdh gum feumadh Alba neo-eisimeileach gluasad air falbh bho chonnadh mar ola, gas agus gual a tha dona dhan àrainneachd. Agus tha am pàipear ag ràdh gum biodh an còrr de shluagh Bhreatainn fhathast a' pàigheadh son leasachadh air cumhachd ath-nuadhachail ann an Alba neo-eisimeileach, gus an tigeadh an rìoghachd gu lèir dhan amas a thaobh a bhith a' gearradh ghasaichean millteach.

Rabhadh

Aig an dearbh àm thàinig rabhadh bho ghnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail gum faodadh atharrachadh polasaidh mu chead dealbhachaidh do thuathan-gaoithe tighinn gu droch bhuaidh ris nach robh dùil. Ann am freagairt do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air a' chuis tha Scottish Renewables ag ràdh gu bheil molaidhean an Riaghaltais fhèin gu bhith a' fàgail casg air leasachadh ann am mòran sgìrean de dh'Alba, le droch bhuaidh air eaconomaidh nan sgìrean sin.

Carthannas

Chaidh innse do bhuidhnean cathrannais ann an Alba gum faod iad a-nis taobh seach taobh a ghabhail san deasbad mu neo-eisimeileachd. Rinn Oifis Riaghlaidh a' Chathrannais ann an Alba soilleireachadh air a' chùis le bhith ag ràdh gum faod buidhnean cathrannais innse dè an taobh den deasbad air a bheil iad cho fad 's nach bris iad an lagh mu chathrannas.

Geamaichean a' Chofhlaitheis

Tha Shona Robison, am ministear ann an Riaghaltas na h-Alba air a bheil an dleasdanas son Geamaichean a Cho-Fhlaitheis 2014, a' tòiseachadh air turas air feadh na dùthcha an diugh. Tha ise a' faighneachd do dhaoine ann an diofar sgìrean dè an dìleab a dh'iarradh iad-san as na Geamaichean. Thuirt Shona Robison fhèin gu bheil i a' sùileachadh buannachd dhan eaconomaidh agus gum bi daoine a' gabhail ùidh agus pàirt ann an spòrs aig a h-uile ìre.