Dà mhillean not son faclair Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
sgrìobhadh gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh am faclair ri fhaighinn air-loidhne.

Fhuair pròiseact a tha ag amas air faclair mòr Gàidhlig air-loidhne a chruthachadh, taic airgid de £2 millean.

Tha a' phròiseact a' coimhead ri samhail Faclair Beurla Oxford a dhèanamh dhan Ghàidhlig, ach bidh fichead bliadhna eile mus bi e deiseal, 's iad a' sgrùdadh eachdraidh agus cleachdadh gach facal.

Bheir am faclair làn iomradh air a' Ghàidhlig agus a h-eachdraidh le bhith a' lorg freumh gach facail bhon riochd sgrìobhte a bu thràithe chun an là an-diugh, agus cuidichidh e gus ìomhaigh cànan agus dualchas na Gàidhlig àrdachadh.

Luach

Bidh an £2 millean aig Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba (SFC) a' cuideachadh gus cabhag a chur air a' phròiseas le bhith a' fastadh barrachd luchd-obrach gus am faclair a chur ri chèile, agus bathair-bog a cheannach mar thaic do an cuid obrach.

'S e Sabhal Mòr Ostaig a tha a' stiùireadh co-chruinneachadh an fhaclair, ann an co-bhann ri Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu agus Shrath Chluaidh.

'S ann mar phrìomh stòras don chànan a bhios am faclair, ri fhaotainn an asgaidh air-loidhne agus le toradh sgrùdaidh ga bhonntachadh air cruinneachadh de dh'obair sgrìobhaidh anns a bheil mu thuaiream 30 millean facal.

Goireas

Bidh e na ghoireas oideachail a bhios a' freagairt feuman an luchd-cleachdaidh uile, bhon fheadhainn a tha ag obair ann an roinnean Ceiltis 's Gàidhlig, oileanaich, tidsearan 's pàrantan ann am foghlam Gàidhlig gu luchd-labhairt làitheil a' chànain.

Cuideachd, bheir e piseach air cothroman rannsachaidh ann an cànanachas agus eachdraidh 's cultar na h-Alba.

Thuirt Cathraiche SFC, John McClelland: "Tha pròiseact Faclair na Gàidhlig riatanach gus a' Ghàidhlig a chur air stèidh thèarainte san àm ri teachd agus tha e na stòras deatamach do dhaoine air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig agus Ceiltis.

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal an t-Sabhail agus Neach-gairm na Comataidh Stiùiridh air Faclair na Gàidhlig "Tha an tuilleadh tasgadh airgid seo le Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, 's e air a mheudachadh le barantas maoineachaidh bho na Comhairlean Rannsachaidh 's leis a' mhaoineachadh leantainneach bho Bhòrd na Gàidhlig, na chomharra de cho cudromach aig ìre nàiseanta 's a tha a' phròiseact bhun-stèidheachail seo.

Maoineachaidh

"Cuiridh an tabhartas luaths ann an obair ullachaidh an fhaclair a bheir, ri tìde, stòras Gàidhlig a ghabhas comas a dhèanamh ri Faclair na Seann Theanga Albannaich agus Faclair Beurla Oxford."

A bharrachd air an £2 millean bho SFC don phròiseact, tha Comhairle Rannsachaidh nan Ealan 's Eòlais Dhaonna (AHRC) a' tabhann £100,000 agus tha £50,000 a' tighinn bho Chomhairle an Rannsachaidh Shòisealta 's Eaconamaich (ESRC). Tha Bòrd na Gàidhlig air taic a chumail ris a' phròiseact bho 2004 agus tha e a' cur £75,000 ris gach bliadhna aig an àm seo.