Lorg fhaighinn air fear à Port Rìgh a bha dhìth

  • Air fhoillseachadh
Bruce Parker
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh Mgr Parker fhaicinn mu dheireadh feasgar Diciadain.

Chaidh Bruce Parker, aois 44 fhaighinn ann an gil tuath air Port Rìgh às dèidh dha dhol a dhìth Diciadain.

Chunnaiceas Mgr Parker mu dheireadh feasgar Diciadain aig 1530 agus dh'fhàsar iomagaineach mu dheidhinn.

Chuir na polais fiosrachadh mu sgaoil mun chàr Seat Leon aig Mgr Parker agus chaidh sealladh fhaighinn air ann am pàirce chàraichean tuath air Port Rìgh aig 20.45 oidhche Dhiardaoin.

Le taic bho heileacoptair nam Maor-cladaich rinneadh sgrùdadh air an sgìre timcheall agus fhuair iad lorg air Mgr Parker ann an gil.

Rinn iad cobhair air agus chaidh a thoirt gu Ospadal an Ath Leathainn.

Bha e air grunn chnamhan a bhristeadh, ach chan eil a bheatha ann an cunnart.