Dàil rèile is càbal air a ghoid

  • Air fhoillseachadh

Bidh dàil air luchd-siubhail rèile eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain an dèidh mu mhìle de chàbal bhon loidhne rèile a bhith air a ghoid.

Chaidh falbh leis a' chàbal faisg air Hunndaidh.

Chuirear na trèanaichean eadar am baile agus Inbhir Uaraidh dheth Là na Sàbaid agus chan eil coltas ann gum bi iad a' ruith fad Diluain.

Thuirt Network Rail gur e a' mhèirle as miosa ris an do dhèilig iad.

Tha Poilis Còmhdhail Bhreatainn ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh na cùise.

Seirbheisean Bus

Tha obair ga dhèanamh càbal eile a chur an sàs ach dh'fhaodadh gun toir sin ùine.

Dh'iarr Network Rail air luchd-siubhail an leisgeul a ghabhail airson an dàil a bhios air seirbheisean.

Thig seirbheisean chun an ear Diluain gu ceann ann an Hunndaidh.

Bidh seirbheisean a tha a' dol chun an iar a' stad ann an Inbhir Uaraidh, le seirbheisean bus a' dol eadar an dà bhaile.

Tha busaichean ann cuideachd a bhios a' dol eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain gun stad.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh