Aonad Gàidhlig do dh'Inbhir Theòrsa

  • Air fhoillseachadh
Clas sgoile
Fo-thiotal an deilbh,
Fosglaidh an t-aonad às dèidh shaor-làithean an t-Samhraidh.

Fosglaidh aonad Gàidhlig ann am bun-sgoil Mount Pleasant ann an Inbhir Theòrsa às dèidh saor-laithean an t-samhraidh.

Tha pàrantan air a bhith ag iomairt fad bhliadhnaichean airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn ann an Gallaibh, agus thathas a-nis air tidsear fhastadh airson sin a thoirt seachad.

"Tha mi gu math toilichte gum bi a' chlann seo ann an Inbhir Theòrsa a' faighinn nan cothroman a tha clann eile a' faighinn air feadh na Gàidhealtachd pàirt a ghabhail ann an eaconamaidh na Gàidhlig, agus ag ionnsachadh Gàidhlig, agus a' gabhail brath air na cothroman a tha a' Ghàidhlig a' fosgladh don òigridh," thuirt fear de chomhairlichean Ghallaibh, Ailig MacLeòid.

"Tha iarrtas mòr againn airson Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa.

"Bha pàrantan ag obair gu cruaidh còmhla ris a' Chomhairle a dhèanamh cinnteach gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile, agus ann an sgìre Ghallaibh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e seo dìreach toiseach a' phròiseas air a' Ghàidhlig a leasachadh ann an Gallaibh agus ann an sgoiltean na sgìre.

"Feumaidh sinn coimhead ris na tha a' tachairt san sgìre an-dràsta. Tha daoine air feadh Ghallaibh a' coimhead air a' Ghàidhlig mar rudeigin inntinneach.

"Tha iad ag iarraidh tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun chànan agus na cothroman a tha a' tighinn còmhla ris a' chànan.

"Chan eil sinn dìreach a' bruidhinn mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh cànain. Tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn a bhith a' gabhail pàirt ann an eaconamaidh a tha a' fàs nas motha agus nas motha gach bliadhna, agus gach cairteal gach bliadhna.

"Tha mi gu math toilichte gum bi ar cuid chloinne a' gabhail pàirt ann an siud," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh