Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cead Bàsachaidh

Dhiùlt Cùirt an Ath-Thagraidh tagradh bho theaghlach Tony Nicklinson nach maireann, agus bho Paul Lamb, dithis le Locked-in Syndrome, agus a dh'iarr cead laghail am beatha a thoirt gu crìch. Sheas a' Chùirt le beachd na h-Àrd-Chùirte ann an cùis Mhgr Nicklinson, a cho-dhùin nach robh còir aige iarraidh air dotair a bheatha a thoirt gu ceann. Thuirt a bhanntrach, Jane, gu bheil i am beachd tagradh a chur dhan Phrìomh Chùirt.

Bradley Manning

Thèid tòiseachadh feasgar an-diugh aig cùirt airm ann am Maryland, a' cur binne air an t-saighdear Aimeireaganach a thug fiosrachadh dìomhair dhan làrach-lìn Wikieaks. Dh'fhaodadh binn cho fada ri 136 bliadhna sa phrìosan a dhol air Bradley Manning.

Sochairean

Thuirt an iomairt airson neo-eisimeileachd do dh'Alba gu bheil aithisg ùr air sochairean sòisealta a' dearbhadh nach eil an siostam a th' ann freagarach do dh'Alba, aig a bheil diofar fheumalachdan seach an còrr den Rìoghachd. Tha feadhainn a tha an aghaidh neo-eisimeileachd ag ràdh nach ruigeadh Alba air na chosgadh sochairean. Tha an aithisg ùr bho Institud an Eòlais Fhiscal ag ràdh gum biodh Alba neo-eisimeileach air chothrom atharrachadh mòr a thoirt air siostam nan sochairean sòisealta, ach gum faodadh trioblaid a bhith ann fhathast le cosgais mu choinneimh seann aois an t-sluaigh.

Prìs a' Chonnaidh

Bidh an Damhair ann mus tig co-dhùnadh bhon rannsachadh air prìs a' chonnaidh sna h-Eileanan an Iar. Bha dùil ri fios bho Oifis na Malairt Cothromaiche (OFT) air a' mhìos seo le am beachd air dòighean-obrach GB Oils, dham buin Scottish Fuels a tha a' reic a' chonnaidh do mhòran de na h-Eileanan.

British Gas

Dh'fhoillsich British Gas àrdachadh de 3% gu còrr is £350m air a' chiad leth den bhliadhna, ann am prothaid earrainn na buidhne a tha a' reic chumhachd dachaigh. Chuir a' chompanaidh 6% ri cosgais a' chumhachd aca anns an Dùbhlachd.

Freeview

Bidh briseadh aig amannan an-diugh anns an t-seirbheis Freeview a tha a' toirt seanailean telebhisein BBC do sgìrean ann an Ear-thuath na h-Alba, an t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar. Bha an t-seirbheis dheth timcheall air Inbhir Nis eadar 02:00m an-diugh agus 06:00m. Bidh e dheth san Eilean Sgitheanach agus anns na h-Eileanan an Iar aig amannan tron là le dùil gum bi an obair deiseil mu 5:00f. Bidh fiosrachadh air seanailean BBC agus ITV agus Seanail 4, mun dòigh as fheàrr air telebhiseanan agus bocsaichean didseatach atharrachadh gus am bi a h-uile seanail ri fhaotainn a-rithist.