Taic son cìs an t-seòmair chadail
- Air fhoillseachadh

Gheibh ùghdarrasan ionadail taic bho stòras aig Riaghaltas Westminster airson cuideachadh a thoirt do dhaoine a chaill sochairean ri linn seòmar a bharrachd a bhi aca.
Thèid an £5m a bharrachd gu sgìrean air feadh na rìoghachd far a bheil e duilich daoine a ghluasad gu dachaighean nas lugha.
Am measg na tha a' faighinn taic tha a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan an Iar, Earra Ghaidheal 's Bòd agus Moireibh.
"Deagh naidheachd"
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn £734,995 as urrainn dhaibh-san a thoirt do luchd-màil a chaill cuibhreann dha na socharain aca.
Gheibh Comhairle nan Eilean Siar £66,930 le Sealtainn agus Arcaibh a' faighinnn £83,819 eatorra.
Thèid £252,313 gu Comhairle Earra Ghaidheal 's Bhòid.
Thuirt Cathraiche Buidheann Ath-leasachadh Shochairein aig Comhairle na Gàidhealtachd, an comhairliche Anndra Christie, gur e deagh naidheachd a tha san airgead ùr dhan ùghdarras iondail, an luchd-màil aca agus luchd-màil uachdarain shòisealta eile.
"Cuidichidh an t-airgead a bharrachd seo sinn ann a bhith ag amas gu sònraichte air an fheadhainn as motha ann an duilgheadas agus daoine a tha ann an stàing ri linn cìs an t-seòmair chadail.
"An-dràsta tha an stòras a tha aig an ùghdarras son daoine a chuideachadh an ìre mhath falamh.
"Le sin tha fàilte mhòr ga chuir air an airgead a bharrachd seo," thuirt Mgr Christie.
Beagan
Tha fear de chomhairlichean nan Eilean Siar, Tormod MacLeòid, cuideachd toilichte gu bheil airgead a bharrachd gu bhith ri fhaotainn, ach dh'iarradh e barrachd.
"Feumaidh sinn an toiseach a bhith taingeal gun d'thug iad am beagan cuideachaidh seo dhuinn.
"Ach na mo bheachd-sa cha tèid e glè fhada.
"Fhuair sinn beagan bhopa ron a seo, ach se suim a th'ann, tha mi dhen bheachd a dh'fheumadh a bhith air a dhùblachadh, neo eadhon trì uiread dhan t-suim a tha sin a chuir air adhart, son gun dèanadh e cuideachdadh sa bith.
"Aig an àm-sa tha sinn a' comhradh riudha agus bhiodh sinne a' luigeachadh gun toireadh iad air falbh a' chìs seo gu lèir", thuirt Mgr MacLeòid.
Thuirt Mgr MacLeòid gum bi Compairteachas Taigheadas Innse Gall, HHP, a' cur feum air £250,000 sa bhliadhna son nan cunntasan aca a chothromachadh air sgàth an airgid a chailleas iad air dachaighean nach urrainn do dhaoine pàigheadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Iuchar 2013
- Air fhoillseachadh11 An Giblean 2013
- Air fhoillseachadh14 Am Màrt 2013