100 bliadhna de dh'aois

  • Air fhoillseachadh
Mòrag NicDhòmhnaillTùs an deilbh, Rob Weir
Fo-thiotal an deilbh,
Rugadh is thogadh Mòrag ann an Tarscabhaig

Tha boireannach a bhuinneas do Tharscabhaig ann an Slèite san Eilean Sgitheanach air 100 bliadhna de dh'aois a ruighinn.

Rugadh 's togadh Mòrag NicDhòmhnaill "Mòrag Dhonnchaidh" sa bhaile, agus thug i treis ann am baile Ghlaschu ag obair.

Tha i air a h-aithneachadh ann an Tarscabhaig mar thè aig a bheil stòras mòr de bheul-aithris a' bhaile.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Mòrag NicDhòmhnaill à Slèite, a tha 100 bliadhna de dh'aois, a' bruidhinn ris an tè-naidheachd Eilidh NicLeòid.

Nuair a bha i òg bha seachd sgoiltean ann an Slèite, agus bha bùth agus oifis puist anns cha-mhòr a h-uile baile.

'S iomadh atharrachadh a chunnaic a sùilean bhon uair sin.

Bhruidhinn i ris an tè-naidheachd Eilidh NicLeòid agus i a' coimhead air ais 100 bliadhna,