Faochadh connaidh do sgìrean Tìr Mòr

  • Air fhoillseachadh
Prìs a' Chonnaidh
Fo-thiotal an deilbh,
Gheibhear 5sg far prìs an liotair fon sgeama.

Dh'fhaodadh gum faigh cuid de sgìrean air Tìr Mòr cothrom air ìsleachadh ann am prìs a' pheatroil agus an diesel mar a tha cuid de sgìrean eileanach a' faighinn.

Dh'fhoillsich Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, gum bi an Riaghaltas a' sireadh fiosrachaidh bho luchd-reic connaidh air feadh Bhreatainn mu na prìsean aca.

Chaidh an sgeama a chur an sàs mar thà anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh, Sealtainn agus Eileanan Cluaidh.

Fon sgeama chaidh còig sgillinn an liotair a thoirt far prìs a' pheatroil agus connadh diesel.

Thuirt Mgr Alexander gu bheil làn-fhios aige nach dèan daoine an gnothach às aonais càr ann an sgìre iomallach.

Feumaidh fianais a bhith againn ge-tà, thuirt e, gu bheil prìs a' chonnaidh a cheart cho mòr anns na sgìrean sin 's a tha i anns an h-eileanan.

Nam biodh fianais làidir aig an Riaghaltas air sin, dh'fhaodadh iad cead fhaighinn on Choimisean Eòrpach an sgeama a leudachadh.

Tha iad gu sònraichte airson cluinntinn bho dhaoine ann an Siorrachd Obar Dheadhain, Moireibh agus air a' Ghàidhealtachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh