Leudachadh air factaraidh an Steòrnabhagh?

  • Air fhoillseachadh
Muasgain-chaola
Fo-thiotal an deilbh,
'S e Macduff Shellfish a' chompanaidh as motha ann am Breatainn a bhios a' giùlain 's a' giollachd mhaoraich.

Is coltach gu bheil factaraidh mhaoraich ann an Leòdhas, a tha a' cumail cosnaidh ri 33 duine gu math faisg air a gabhail thairis.

Rinn a' chompanaidh Macduff Shellfish, a tha stèidhichte faisg air Ceann Phàdraig, aonta ann am prionnsapal airson factaraidh Young's Seafood ann an Steòrnabhagh a cheannach.

'S e Macduff Shellfish a' chompanaidh as motha anns an Rìoghachd Aonaichte a tha a' giùlain mhaoraich nàdarra.

Tha Young's Seafoods a' cleachdadh na factaraidh ann an Steòrnabhagh airson muasgain-chaola a ghiollachd agus scampi a dhèanamh.

Leudachadh

Tha an dà chompanaidh air a bhith ag obair gu dlùth o chionn dà bhliadhna, le barrachd is barrachd den obair a bha an fhactaraidh a' dèanamh, ga dèanamh airson Macduff Shellfish - suas ri 60% den obair am bliadhna.

Tha dùil gun tèid na h-uidhir den obair a tha ga dèanamh ann an Steòrnabhagh an-dràsta a ghluasad gu factaraidh air Tìr Mòr.

Ma thèid an t-aonta seo troimhe, tha Macduff Shellfish ag ràdh nach caill duine den 33 duine a tha ag obair aig an fhactaraidh ann an Steòrnabhagh an obair aca.

Bhiodh iad ag amas air an gnìomhachas a leudachadh, le sùil ri bhith a' giollachd diofar sheòrsaichean mhaoraich, a bharrachd air muasgain-chaola.

Tha Macduff cuideachd dìreach air Scot Trawlers a ghabhail thairis - a' chompanaidh as motha ann am Breatainn a' bhios a' glacadh chreachan.

Tha sin a' fàgail gu bheil Macduff ceithir uiread cho mòr 's a bha iad o chionn 10 bliadhna, agus tha dùil aca sin a dhùblachadh a rithist taobh a-staigh còig bliadhna.

Mar phàirt dheth sin, tha ùidh aig a' chompanaidh ann a bhith a' ceannach bhàtaichean iasgaich gus am bi iad ag obair dhaibh, agus tha sùil aca ri bhith ag obrachadh còmhla ri iasgairean nan Eilean Siar mu choinneimh sin.

Ma thèid an t-aonta air adhart, gabhaidh Macduff an fhactaraidh thairis toiseach an t-Sultain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh