Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Banca Lloyds

Rinn Banca Lloyds prothaid de £2.1bn air a' chiad leth den bhliadhna seo. Mòran nas fheàrr na bha dùil, oir aig an aon àm an-uiridh bha call cha-mhòr £500m orra. Tha a' phrothaid sin a' cur ris a' bheachd gum bi an Riaghaltas a' coimhead ri earrainnean anns a' bhanca a reic a dh'aithghearr. Buinnidh 40% de Lloyds dhan stàit a rinn cobhair air a' bhanca aig àirde èiginn an ionmhais.

Prìs a' Chonnaidh

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' coimhead ri leudachadh an sgeama a tha a' gearradh 5sg gach liotair far prìs a' chonnaidh sna h-eileanan far a bheil an diesel agus am peatrol nas daoire leis na tha e a' cosg ga ghiùlain ann. Tha Roinn an Ionmhais am beachd cead iarraidh bhon Aonadh Eòrpach airson an sgeama sin a leudachadh gu sgìrean iomallach air Tìr Mòr Bhreatainn.

Croitearan airson Neo-eisimeileachd

Tha buidheann ùr, "Crofters for Yes", ga cur air bhonn an-diugh a' cur taic ri neo-eisimeileachd do dh'Alba. Tha an iomairt ga foillseachadh gu h-oifigeil aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh, agus a' bhuidheann ag ràdh gum biodh croitearachd mòran nas fheàrr dheth le neo-eisimeileachd. Ach thuirt Niall MacLeòid a bha aig aon àm na chathraiche air Bunaid na Croitearachd, nach eil esan a' faicinn adhbhar air iomairt den t-seòrsa seo, oir gu bheil, na bheachdsan, cùisean glè mhath mar a tha iad.

Ath-chuingean

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' foillseachadh siostam ùr an-diugh a leigeas le daoine ath-chuingean a chur air beulaibh na Comhairle. Feumaidh taic a bhith aig gach ath-chuinge air a' char as lugha bho 50 duine, agus tha cothrom ann an dèidh sin air deasbad aig ìre chomataidh no aig an Làn-Chomhairle.

Zimbabwe

Tha aithrisean ann an Zimbabwe gun do ghlèidh pàrtaidh ZanoPF aig Raibeart Mugabe an taghadh coitcheann le mòr-chuid. Ach tha aon bhuidhinn naidheachd ag ràdh gu bheil am pàrtaidh dùbhlannach a' cumail a-mach gun robh foill mhòr anns an taghadh, agus gun robh millean duine ann nach d'fhuair cothrom air bhòtadh. Tha dùil ri buil oifigeil na bhòta an-diugh fhathast.

Oighreachd Bharabhais

Thuirt rùnaire na companaidh a tha a' coimhead às dèidh Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas nach eil fìrinn sam bith sna fathannan gu bheil an oighreachd am beachd eileanan Rònaigh agus Sùlasgeir a reic air a' mhargaidh fhosgailte. Dh'innis Robert Clark dhan BhBC nach eil brìgh sna sgeulachdan, agus gu bheil iad an dòchas na h-eileanan a reic ris a' choimhearsnachd còmhla ris a' chòrr den oighreachd mar a bha dùil.

Young's Seafood

Tha coltas ann gu bheil factaraidh mhaoraich ann an Leòdhas a tha a' cumail cosnaidh ri 33 duine gu math faisg air a gabhail thairis. Rinn a' chompanaidh Macduff Shellfish, a tha stèidhichte faisg air Ceann Phàdraig, aonta ann am prionnsabal airson factaraidh Young's Seafood ann an Steòrnabhagh a cheannach.

Corp

Tha poilis ann an Inbhir Nis ag iarraidh fiosrachaidh mu dhuine a fhuaireas marbh sa bhaile an-raoir. Bha an duine, a bha 49, marbh na chàr ann an sgìre a' Bhught. Thuirt na Poilis nach eil dad de dh'fhios aca dè thug bàs dha.