Riaghaltas a' dol às àicheadh gum bi a' Ghàidhlig riatanach

  • Air fhoillseachadh
A' Ghàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh dàrna agus treas cànan riatanach ro 2020.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' dol às àicheadh beachd gun tèid a' Ghàidhlig a theagasg do gach pàiste anns gach bun-sgoil san dùthaich.

Tha a' bhuidheann Foghlam Alba gus stuthan teagaisg ullachadh do sgoiltean no comhairlean a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig a theagaisg do chloinn mar dhàrna no treas cànan.

Ach tha an Riaghaltas ag ràdh gum bi roghainn aig sgoiltean agus comhairlean co-dhiù bi iad a' tabhainn na Gàidhlig do chloinn san dòigh seo.

Tha iad airson 's gum bi sgoiltean a' teagasg dàrna cànain do chloinn ann am P1, agus treas cànan ro p5, ro 2020.

Tha sgeamaichean pìleat a' ruith an-dràsta aig na h-uidhir de bhun-sgoiltean air feadh na dùthcha, a' feuchainn na dòigh teagaisg seo.

Chan eil am poileasaidh ag innse dè na cànanan a bu chòir a bhith air an ionnsachadh.

Bhiodh a' Ghàidhlig air aon roghainn dhiubh ge-tà.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh