Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Thuit luach earrainnean Bhanca Rìoghail na h-Alba an-diugh sa mhadainn, a dh'aindeoin 's gun do dh'fhoillsich am banca prothaid ro chìsean de £1.4bn airson a' chiad leth den bhliadhna. Aig an àm seo an-uiridh bha am banca air call de £1.7bn fhulang. Aig a' cheart àm chuir an Seansalair, Seòras Osborne, fàilte air an naidheachd gun deach Ross MacEwan ainmeachadh mar àrd-oifigear ùr RBS. Gabhaidh Mgr MacEwan, a bhuinneas do New Zealand, thairis bho Stephen Hester san Damhair.

Cuirp

Thèid sgrùdadh post mortem a dhèanamh air dà chorp a chaidh a lorg ann am fear de phrìomh thaighean-òsta Dhùn Èideann. Chaidh am fireannach 's am boireannach fhaighinn marbh ann an seòmar-cadail air an t-siathamh ùrlar de Thaigh-Òsta an Scotsman, tràth feasgar an-dè, le luchd-obrach a bha a' rannsachadh cò às a bha fàilleadh ceimigeach a' tighinn.

Daniel Pelka

Thèid binn a chur an-diugh air màthair agus leas-athair Daniel Pelka airson muirt a' bhalaich bhig. Cha robh ann an Daniel, a bha ceithir bliadhna de dh'aois, ach clach gu leth de chuideam nuair a bhàsaich e na dhachaigh ann an Coventry às dèidh dha mìosan de dhroch dhìol fhulang. Chaidh Magdelena Luczak agus Mariusz Krezolek, a dhìteadh Diciadain ann an Cùirt a' Chrùin ann am Birmingham.

Màthraichean Òga

Chàin fear a bha na Mhodaràtair air an Eaglais Shaoir an dòigh sa bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' dèiligeadh ri màthraichean òga nach eil pòsta. A' beachdachadh air planaichean airson sochairean sòisealta a ghearradh, thuirt an t-Urr. Iain D. Caimbeul, gun robh an Riaghaltas ro dheònach deugairean a chleachdadh mar thargaid. Thuirt an t-Urr. Caimbeul, a tha na mhinistear anns an Rubha ann an Leòdhas, gum bu chòir dhuinn cùl-taic a thoirt do mhàthraichean òga, an àite a bhith gam peanasachadh.

Drabastair

Thòisich sgrùdadh às ùr ga dhèanamh air fear a chaidh a dhìteadh air casaidean drabastachd chloinne nach do nochd anns a' Chùirt nuair a bha binn ga thoirt seachad. Bha còir aig Derek Reid, aois 42, às a' Bhruaich, a bhith air nochdadh ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Obar Dheathain an-dè. Tha dàibhearan poilis agus maoir-chladaich a' dèanamh sgrùdaidh air tràigh Obar Dhobhair faisg air far an deach an càr aige a lorg feasgar an-dè.

Èirinn a Tuath

Tha Poilis Èireann a Tuath air tè de chomhairlichean Pàrtaidh Deamocratach an Aonaidh a chur an grèim, agus iad ga ceasnachadh mu rud a sgrìobh i air Facebook. Bha Rut NicPheadrais air sgrìobhadh gum biodh e na sheirbheis dhan t-Saoghal nan deadh ceannardan Sinn Féin a mhurt. Tha i air maitheanas iarraidh, agus i ag ràdh gun do rinn i droch mhearachd.