Dithis marbh ann an tubaist an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh
Chaidh boireannach agus fireannach a mharbhadh, agus seachdnar eile a ghoirteachadh, ann an tubaist eadar dà charbad faisg air an Òban oidhche Ardaoin.
Bhuail dà charbad na chèile, toiseach ri toiseach, air an A85 anns a' Chonnghaill, beagan tuath air an Òban, mu 6:30f.
Bha am boireannach a bhàsaich, a bha 74, a siubhail ann an Honda CRV gorm.
Bha am fireannach a bhàsaich, a bha 32, a' siubhail ann an Vauxhall Vectra gorm.
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.
Chaidh boireannach, 32, a bha a' dràibheadh a' Vauxhall Vectra, a thoirt gu Ospadal an Southern General ann an Glaschu ann an heileacoptair, far a bheil i ìosail, ach seasmhach.
Bha triùir chloinne, aois dà bhliadhna, còig bliadhna, agus 14 bliadhna, cuideachd anns a' chàr, agus chaidh cobhair a dhèanamh orrasan airson lotan beaga aig Ospadal an Òbain.
Chaidh cuideachd cobhair a dhèanamh air a' bhoireannach a bha a' dràibheadh an Honda CRV, agus dithis bhoireannach eile, aois 49, agus 46, a bha a' siubhail ann, airson lotan beaga aig Ospadal an Òbain.